Thus' an sin a' falbh nad chabhaig 'S mise nam shuidhe gun bhonn na mo phòc, Dè rinn mi ach coimhead nad shùilean 'S thuirt thu le briathran nach bu chiùin: 'Ortsa tha 'n aghaidh iarraidh bhuamsa, Dh'èirich mi moch madainn is dh'fhalbh mi cho tràth, Dh'obraich mi 's shaothraich mi son mi bhith mar tha mi, 'S ma-thà, chan fhaigh thu sgillinn ruadh.' Cadal, dùsgadh, Foighidinn is sìth, Càirdeas, coibhneas, Do làmh-sa dhomh sìnt', Ceartas, èisteachd, cothrom anns an tìr, A-mhàin na nithean tha mi 'm dhìth. 'S truagh nach d' bhruidhinn thu san dol seachad — 'S beag orm, 's lugh' orm bhith baigearach nam dhòigh; Dh'innsinn an-dràst' dhut nan èisteadh tu le deòin Mo sgeul-sa 's i fodh' an tuil nan deòir. Nam dhùthaich bha mise uasal, Urramach, Ach chualas am brèisim, 'S bha èislean gu buan; Theich mi lem bheatha, 's chaidh m' fhàgail gun tuar, 'S nam thràill an tìr tha riumsa fuar. Cadal, dùsgadh, foighidinn is sìth, Càirdeas, coibhneas, do làmh-sa dhomh sìnt', Ceartas, èisteachd, Cothrom anns an tìr, A-mhàin na nithean tha mi 'm dhìth.