Chaidh mi' n dè dhan choille challtainn Shireadh chnothan airson biadh Ach 's e bh' air a h-uile geug Ach d' aodann-sa gam thriall Chaidh mi' n dè gu tràigh a' mhaoraich Lòn de choilleagan a bhuainn Nochd a h-uile slige neamhnaid D' àilleachd-sa a luaidh Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda Son do sgiùrsadh as mo cheann H-uile gloinne thog mi, thaom Do mhaiseachd aist' na deann Chlaon mi tràth a-raoir dhan leabaidh Thusa ruagadh as le suain Ach cha tug thu cead dhomh cadal Gus an deanainn duan Dh' iarrainn-sa bhith saor od thòireadh Ach gu bheil sinn roinnt o chèil' Do chumadh bhith an àit' do shamhla Agam bhios an fhèill Dh' fhàg thu mi nam bhaothair gòrach Bòradh chàirdean le do chliù Nuair a thig thu chì iad nacheil Mearachd ann am fhiù Chì iad sgurr a'danns' le saobh-shruth Famh is iolair' anns an ruidhl' Stamh gu caomh ag altrum sùbh-làir Mireadh mu an sùil Chì iad mis' is thusa sùgradh Bil ri bil, ar n-anail aoint' Cniadachadh mar seo gu sìor le Chàile b' e ar maoin