Nach truagh leat mi 's mi 'm prìosan ♪ Mo Mhàili bheag òg? ♪ Nach truagh leat mi 's mi 'm prìosan Mo Mhàili bheag òg? Do chàirdean a' chur binn orm Mo chuid dhen t-saoghal thu A bhean na mala mìne 'S na pògan mar na fìogais Is tu nach fhàgadh shìos mi Le mì-rùn do bheòil ♪ Di Dòmhnaich anns a' ghleann dhuinn Mo Mhàili bheag òg Nuair a thòisich mi ri cainnt riut Mo chuid dhen t-saoghal mhòr Nuair a dh'fhosgail mi mo shùilean 'S i sheall mi air mo chùlaibh Bha marcaich' nan each crudhaich 'Tighinn dlùth air mo thòir ♪ Is mis' a bh' air mo bhuaireadh Mo Mhàili bheag òg Nuair thànaig sluagh mun cuairt dhuinn Mo rìbhinn ghlan ùr Is truagh anns an àm sin Nach do thuit mo làmh o m' ghualainn Mun do dh'amais mi do bhualadh Mo Mhàili bheag òg ♪ Gur bòidhche leam a dh'fhàs thu Mo Mhàili bheag òg Na an lili anns an fhàsach Mo chiad a' ghràdh 's mo rùn Mar aiteal caoin na gréineadh Am madainn chiùin ag éirigh B' e siud do dhreach 's t' eugais Mo Mhàili bheag òg ♪ Nach truagh leat mi 's mi 'm prìosan ♪ Mo Mhàili bheag òg ♪ Nach truagh leat mi 's mi 'm prìosan ♪ Mo Mhàili bheag òg