A dhaoine, bha mi seo an bhris an là Sìnte, gu sìtheil 'na mo shuain An t-sìorrachd, am bòidhchead slàn mar a dheònaich E 'S an nàdur a' freagairt dha mo dhuan Fàil ill ò 's na hò ro èileadh o ro Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò Hiùraibh ò 's na hò ro èileadh o ro Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò Air maduinn, dh'fhairich mi ann dealachadh Mo chaithris is m' ònrachd 'tighinn gu ceann Ceòl na tuaighe 's nan duanagan Dh'èist mi is thog mi fhìn am fonn Fàil ill ò 's na hò ro èileadh o ro Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò Hiùraibh ò 's na hò ro èileadh o ro Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò Daoine, daoine còire, curanta A ghiùlain gach cruadal 's càs gu treun Dualchas, dualchas beairteach, briagha, beò Mar chàirdean, gun d'thug iad orm seinn Fàil ill ò 's na hò ro èileadh o ro Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò Hiùraibh ò 's na hò ro èileadh o ro Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò ♪ Ach thàinig, thàinig oirnn an dàrna là Is chunnaic mi mo dhaltan a' sìoladh às 'S gann gun cluinn mi 'n cànan ceòlmhor, blasda, binn Cànan coimheach, cruaidh a' tighinn 'na h-àit' Fàil ill ò 's na hò ro èileadh o ro Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò Hiùraibh ò 's na hò ro èileadh o ro Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò Tha sgleò, tha sgleò air tighinn air an àite seo Is sàmhchair bhon a dh'fhalbh mòran 'Nam chaithris air mo chloinn 'nan cadal buan Fanaidh mi 'gan tàladh ann le m' òran Fàil ill ò 's na hò ro èileadh o ro Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò Hiùraibh ò 's na hò ro èileadh o ro Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò