Kishore Kumar Hits

The Chieftains - An Innis Aigh текст песни

Исполнитель: The Chieftains

альбом: Fire In The Kitchen


Seinn an duan seo dhan Innis Àigh
An innis uaine as gile tràigh
Bidh sian air uairean a' bagairt cruaidh ris
Ach se mo luaidh-sa bhith ann a' tàmh
Càit' as tràith an tig samhradh caomh
Càit' as tràith an tig blàth air craobh
Càit' as bòidhche 's an seinn an smeòrach
Air bhàrr nan ògan 's an Innis Àigh
An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh
Is ann ma chrìochan is miann leis tàmh
Bidh gillean easgaidh le dorgh is lìontan
Moch, moch ga iarriadh mun Innis Àigh
'S ged thèid mi cuairt chun an taoibh ud thall
'S mi 'n dùil air uairibh gu fan mi ann
Tha tàladh uaigneach le teas nach fuairich
Gam tharraing buan don Innis Àigh
O 's geàrr an ùine gu'n teirig latha
Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh
Mo chadal buan-sa bidh e cho suaimhneach
Mo bhios mo chluasag 's an Innis Àigh

Поcмотреть все песни артиста

Другие альбомы исполнителя

Похожие исполнители

Danú

Исполнитель

Solas

Исполнитель

Altan

Исполнитель