Tha grian is gealach is reultan Anns na speuran os ar cionn 'S iad a' soillseachadh a chruinne 'S a' seòladh loingeas thar tuinn On dh' òrdaich Thu solus glé-gheal Ni feum dhuinn' anns an t-saoghal Biodh do shòlas rèidh dh' ar n-anam 'S Tu fhéin a cheannaich saor sinn Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò) Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò) Ò a Dhè na glòire (Ò a Dhè na glòire) Ò hìl ò ribh ò hò (Ò hìl ò ribh ò hò) Tha mi faicinn a' ghath ghil Teàrnadh o nèamh os mo cheann Solas uinneagach nam flaith 'S fad tha mis' am laigh' ar leam 'S fheàrr èirigh dh'ionnsaidh do shòlais Glòir 's onair thòirt dha chionn Don Fhear a rinn grian san latha (Don Fhear a rinn grian san latha) Is gealach an àm laighe dhuinn (Is gealach an àm laighe dhuinn) Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò) Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò) Ò a Dhè na glòire (Ò a Dhè na glòire) Ò hìl ò ribh ò hò (Ò hìl ò ribh ò hò) An àm dol a laighe dhuinn Leagamaid ar glùn ri làr 'G iarraidh mathanais gu dlùth 'S na rinn sinn bhò thùs an là Cuireamaid cùl ris an t-saoghal Mun leag sinn ar taobh san leapa Gun fhios nach i uair a' chunntais (Gun fhios nach i uair a' chunntais) 'S faisge dhuinne na a' mhadainn ('S faisge dhuinne na a' mhadainn) Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò) Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò) Ò a Dhè na glòire (Ò a Dhè na glòire) Ò hìl ò ribh ò hò (Ò hìl ò ribh ò hò) Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò) Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò) Ò a Dhè na glòire (Ò a Dhè na glòire) Ò hìl ò ribh ò hò (Ò hìl ò ribh ò hò) Mmmm Mmmm (hù) Mmmm (hù) Mmmm (hù-ù hu)