Saoil a Mhòr am pòs thu? Saoil am pòs thu Fiollaigean? Saoil a Mhòr am pòs thu? Theireadh gu leòr nach b'urra dhut Bha dùil gum bu cheannaiche mòr thu As an robh stòr neo-chumant' Gu facas do phoc ann an òrdugh Siubhal air tòir na luideagan Nuair dh'èireadh am muir ma na beanntan Suas mu na cruinn 'na ultaichean Rachadh a' sgiobair fo rùm innt' 'S dh'fhàgadh e chuibhl' aig Fiollaigean 'S beag a bha dhùil aig do mhàthair Gur ann an Arnol thuiteadh tu An dèidh cho fileant' 's a bha thu Air an t-snàthaid mhiosailin Nuair a thigeadh muir-cùil ort Suas mu shùilean Fiollaigean Shealladh e rithist cho geur 'S gum faiceadh e sgiath nan cuileagan Dhèanadh tu maraich linn-mhòra Dhèanadh tu stòp is buideal ann Chuireadh tu math ann an òrdugh Cearcall air tòin nan tubannan 'S ged a bha Fiollaigean spàgach Dhèanadh e ceàird a h-uile fear Chuireadh e lusan 's a ghàrradh Chuireadh e càl is curranan Thog thu taigh-geal ann an Arnol As a robh àird neo-chumanta Staidhrichean cama le sgàthan As a' rùm-àrd aig Fiollaigean 'S bha cuid dhen a chomunn bha suarach Cuid a bha uasal urramach Leann MacEwen cho làidir 'S thog e droch nàdar Fhiollaigein Chaidh litir a' null dhan a Fhraing Is t' eile null a Ruisia Pàipearan feadh a' Roinn Eorp' Ag inns' mu phòsadh Fhiollaigean