Kishore Kumar Hits

Mànran - Trod текст песни

Исполнитель: Mànran

альбом: An Dà Là - The Two Days


Teann a-null 's na fuirich rium,
Bhon 's e mo dhiomb a choisinn thu,
Fuirich sàmhach air mo chùlaibh,
Sùgradh cha bhith nochd againn.
Latha dhomh 's mi agòl an drama,
Còmhla ri òigearan glana,
Ged a bha mo bheansa banail,
'S sgainnealach a throid i rium.
Labhair ise sin na briathran,
"Fàsaidh tu d' shruthaire breugach,
'S eagal leam nach paigh thu d' fhiachan,
'S e do ghnìomh tha coltach ris!"
"Chan fhuiling mi bonn a d' bheadradh,
Air moch no anmoch no feasgar,
'S fheàrr leat comunn nan stòb beaga
'S thoill thu leasan goirt thoirt dhut!"
"Thug thu òg do cheannas-cinnidh
Do Mhac an Tòisich an gille; bhon
A rinn an t-òl do mhilleadh,
Ad mhire chan eil toirt agam!"
"'S olc an obair dhut bhith daonnan,
A' tighinn dhachaigh air an daoraich,
Cuiridh tu mise gu caoineadh,
'S dh'aognaich fear do choltais mi."
"Tha thu gun bhriogais, gun fhèileadh,
S e air tolladh air do shlèisnean,
'S ciamar a nì mi dhut èideadh?
Chuir thu fèin gu bochdainn mi."

Поcмотреть все песни артиста

Другие альбомы исполнителя

Похожие исполнители